-> "Aingeal a' Chiùil Bhinn"
Original Song Title:
"Angel of Music"
(MP3)
Parody Song Title:
"Aingeal a' Chiùil Bhinn"
The Lyrics
AN GUTH ERIK
Gille beadaidh!
'N tràill sin
An fhasain
grianachadh
'nad ghlòir!
Saobhan gòrach!
Suirgheach,
òg, fearail,
pàirteachadh 'nam
raoineadh!
CAIRISTÌONA (fo gheasaibh)
Aingeal! Chuala!
Bruidh'nn -
èisdidh mi . . .
Fan aig mo thaobh,
stiùir mi!
Aingeal, bha m'anam fann -
maithibh mi . . .
Thig fa dheireadh,
'Mhaighstir!
AN GUTH ERIK
Rìbhinn sliosda,
bidh thu eòlach orm,
faic carson falaichidh
mise!
Amhairc d'aghaidh
anns an sgàthan -
a-staigh 'n-seo
's mise!
(Tha 'n dealbh ERIK soilleir
air chùl an sgàthan)
CAIRISTÌONA (aoibhneach)
Aingeal a' chiùil bhinn!
Iùil is taoitear!
Thoir thugam do
Ghlòir-sa!
Aingeal a' chiùil bhinn!
Na falaich 'nis!
Thig dhomh, neònach
aingeal...
ERIK
Tha mi 'nad aingeal ...
Thig thugam: Aingeal a' chiùil bhinn ...
(Tha CAIRISTÌONA 'siubhal a dh'ionnsaigh a' ghlainne dheàrrsach.
Aig a' cheart àm, tha RAOUL air thilleadh.
Th'e 'cluinntinn na guthan agus tha e boilisgeach.
Feuchaidh e 'n doras, ach tha e glasta)
RAOUL
Cò tha aig an guth sin . . .?
Cò tha 'steach ann . . .?!
(A-steach an t-seòmar, tha 'n sgàthan fosgladh.
An dèidh dha, ann an sitheadh leòis ghil, tha ERIK
a' seasamh. Th'e 'ruigheachd air adhart
's a' gabhail CAIRISTÌONA gu teann,
ach cah gu garg, aig an bun-dùirn. Tha a shuath fuar,
agus tha CAIRISTÌONA air phlosgadh bhuaithe)
ERIK
Tha mi 'nad aingeal ...
Thig thugam: Aingeal a' chiùil bhinn ...
(tha CAIRISTÌONA air dhol a sealladh tron sgàthan,
a fosgailidh 'n dèidh dhi. Tha 'n doras dhan t-seòmar-èididh
air fhosgladh gu grad, agus tha RAOUL air thigh'nn a-staigh,
a lorgadh 'n t-seòmar falamh)
RAOUL
Cairistìona! Aingeal!
Your Vote & Comment Counts
The parody authors spend a lot of time writing parodies for the website and they
appreciate feedback in the form of votes and comments. Please take some time to
leave a comment below about this parody.